Tìr na h-Eaglaise

Tìr na h-Eaglaise

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 04′ 44″ Tuath
03° 40′ 33″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01387
Duilleag oifigeil Tìr na h-Eaglaise aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail air iomall Dhùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Tìr na h-Eaglaise neo Teamhair Eaglais [1] (Laideann: Terra Ecclesiae, Cuimris: Tref yn eglwys).[1] Tha e suidhichte aig 98m os cionn ìre na mara,[2] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), faisg air an Abhainn Uisge Cluden.[3] Tha e 250km air falbh bho Obar Dheathain, 94km bho Ghlaschu, 36km bho Chille Chuithbeirt agus 102km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Tìr na h-Eaglaise. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus dreuchdan ann an Dùn Phrìs. A bharrachd air sin, tha muileann-sàbhaidh ann[5] Taobh fhoghlaim, chan eil bun-sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan sgoil ann an Dùn Phrìs.

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1240 mar Treueger.[6] Fhuair am baile a chuid chòirichean mar Borgh a' Bharain (Beurla Ghallda: Burgh of Barony) ann an 1510, agus le sin b' urrainn dhan thighearna margadh a chumail agus ceartas a chur an gnìomh.[7] Chuir Màiri I seachad oidhche neo dhà an seo san taigh aig an Tighearna Herries, an dèidh Chath Langside ann an 1568,[8] mus do dh'fhalbh i gu Dùn Droighnein agus Sasainn. Chaidh Herries gu Lunnainn gus taic a thoirt dhan Bhan-righ. Bha an teaghlach Herries dìleas dhan Eaglais Chaitligeach agus do iomairtean nan Seamusach. Chaill an seachdamh Thighearna a chuid oighreachdan air a shon ann ann 1716. Thogadh Lùchairt an seo ann an 1776, a chaidh leasachadh ann an 1848. Reic na Herries an luchairt anns na 20an. Bha an taigh na ghearasdan Nirribheach[9] ri linn An Dàrna Cogaidh. Chaidh seipeal a thogail an seo ann an 1585[10] agus chaidh e a leasachadh ann an 1824. Thogadh eaglais a' pharaiste ann an 1799.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Placenames
  2. Elevation Map
  3. Scottish Places
  4. Distance From
  5. Mister What
  6. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  7. Scottish Places
  8. Bain, Joseph, Calendar of Scottish Papers 1563 - 1569, Dùn Èideann, 1900
  9. Stravaiging
  10. Canmore