Willa Muir | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Monadh Rois, 13 dhen Mhàrt 1890 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Dùn Omhain, 22 dhen Chèitean 1970 |
Teaghlach | |
Cèile | Edwin Muir (1919 - 1959) |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Chill Rìmhinn |
Cànain |
Gearmailtis Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | cànanaiche, eadar-theangair agus sgrìobhadair |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
B' e sgrìobhadair agus eadar-theangaiche a bha ann an Willa Muir.
Rugadh i, mar Willa Anderson, ann an Unst agus thogadh i ann am Mon Rois. Bha i na h-oileanach aig Oilthigh Chill Rìmhinn agus chaidh i na cheannard colaiste treànadh luchd-teagaisg ann an Lunnainn. Dh'fheum i a dreuchd a leigeil dhith nuair a phòs i Edwin Muir.
Sgrìobh i dà nobhail, Imagined Corners (1931) agus Mrs Ritchie (1933). Bha i na cleachdaiche cudromach san ath-bheòthachadh litreachail na h-Alba o na 20an gus na 40an. Dh'obair i mar eadar-theangaiche còmhla ris a duine, Edwin Muir, ach dh'eadar-theangaich i pìosan cuideachd mar Agnes Neill Scott. An dèidh do Edwin Muir bàsachadh, sgrìobh i beatha-aisneis, Belonging: A Memoir (1968) mu am beatha le chèile.[1]