B' e neach-poileataigs à Fìobha a bha ann an William Adamson. Bha e ainmeil air sgàth 's gun deach e na cheannard a' Phàrtaidh Làbarach agus na Rùnaire Stàite na h-Alba fo Ramsay MacDonald.
Rugadh e anns a' Choille Beithe faisg air Dùn Phàrlain. Nuair cha robh e ach 11 bliadhna a dh'aois chaochail athair is thòisich e ag obair anns na mèinnean. Stèidhich e sgoil-Shàbaid, comann co-leasachaidh agus eaglais chloinne anns a' bhaile is riochdaich e a' Choille Beithe agus Suidhe an Rìgh air Bòrd Comann nam Mèinneadair Fhìobha, Cheann Rois agus Clach Mhanainn. Dh'imrich e do Dhùn Phàrlain agus chaidh e na chomhairliche ann an 1905. Sheas e mar thagraiche Làbarach ann am Fìobha an Iar sam Faoilleach 1910 is bhuannaich e an seat ann an Dùbhlachd 1910. Chùm e e gu ruige 1931 nuair a chaill e e do William Gallacher.
Bha e na cheannard a' Phàrtaidh Làbarach eadar 1917 is 1921, agus chaidh e na Rùnaire na h-Alba anns a' riaghaltas Ramsay MacDonald ann an 1924 agus na Rùnaire Stàite na h-Alba eadar 1929 is 1931. Chaochail a bhean Christina ann an 1935. Sheas e a-rithist airson Fìobha an Iar an aghaidh Gallacher ann an 1935 ach chaill e a-rithist. Dh'fhàs e tinn agus bhàsaich e 23 Gearran 1936 le pliùras agus leis am fiabhras-clèibhe.[1]