Yolombó
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Antioquia | ||||
Sgìre | Ear-thuath | ||||
Àirde | 1450m | ||||
Co-chomharran | 06° 35' 52' Tuath 75° 00' 44' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 941 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 20,025 (2005) | ||||
Dlùths | 21.28/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
‘S e baile meadhanach agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) faisg air Cisneros ann an Antioquia, Coloimbia,[1] a th’ ann an Yolombó. Tha e suidhichte aig 1,450m os cionn ìre na mara agus 94km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. Tha teodhachd meadhanach dhe 24.4˚ aige.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1560. 'S ann gu math ainmeil 's a tha Yolombó air feadh na dùthcha o chionns gu do sgrìobh an t-ùghar Tomás Carrasquilla nobhail a bha ìre mhath suidhichte an seo, air a bheil La Marquesa de Yolombó.
Tha 6,091 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha 20,025 uile gu lèir a' fuireach ann, a' gabhail a-steach na clachain thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid neo mòran nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns nam bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. ‘S e pàtran-sluaigh gu math neo-àbhaisteach a tha seo. Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid nan daoine ann an Yolombó, ach tha 0.1% dhe Tùsanaich agus 1.9% dhe daoine le freumhan ann an Afraga ann. 'S urrainn do 84.3% dhuibh leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 22.3% nan dachaigh.[5]
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Yolombó. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.