'S e leth-eilean a tha ann an Àird nam Murchan (Beurla: Ardnamurchan).
Tha e ann an Loch Abar ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd. Tha e cho farsaing ri 50 mìltean ceàrnagach. Tha timcheall air 2000 duine a' fuireach an seo.
Is àbhaist do na daoine ag ràdh gur e Rubha Àird nam Murchan an t-àite as fhaide iar air tìr-mòr Bhreatainn. Ach a-rèir na rannsachaidhean ùra a rinn an Ordnance Survey ann an Alba, ‘s e Corrachadh Mòr an t-àite as fhaide iar. Tha an Taigh Solais Àird nam Murchan suidhichte aig Rubha Àird nam Murchan.
Chan eilear cinnteach cò às a thàinig an t-ainm "Àird nam Murchan". Tha dà bheachd ann: Tha aon mìneachadh ag ràdh gun tàinig e bho na faclan "Àirde" agus "Muirchu" (biast dhubh) neo ròn [1] agus a' ciallachadh: àite nam biastan dubha. Tha mìneachadh eile ag ràdh gu bheil an t-ainm ceangailte leis an fhacal: "Muirchol" leis a' chiall: àite spùinneadairean-màra.[2]