Canaich | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Inbhir Nis |
Co-chomharran | 57° 21′ Tuath 4° 46′ Iar |
Comharradh-clèithe | NH337317 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 200 (1971) |
Àireamh fòn | 01456 |
'S e baile beag ann an Alba a tha ann an Canaich (Beurla: Cannich).[1] Tha e suidhichte air a' Ghàidhealtachd aig ceann an ear air Gleann Canaich, far a bheil Gleann Urchadain, Gleann Afraig agus Gleann Canaich a' coinneachadh. Tha uisge Abhainn Canaich a' sruthadh don Abhainn Glas an seo. Tha an t-ainm Canaich a' ciallachadh àite far a bheil canach a' fàs. Tha taigh eachdraidheil, Taigh Chomair, anns aʼ bhaile.
Tha an rathad A831 bho Dhruim na Drochaid dhan Mhanachainn a' leantainn tro Chanaich.
Chaidh an sgioba iomain Srath Ghlais, Comunn Camanachd Straghlais, a chur air bhonn 1879 ann an Canaich.[2]
Bailtean | Bealadruim • Canaich • Cille Chuimein • Cill Taraglain • Cnoc Mhoire • Druim na Drochaid • Inbhir Moireasdan • An Innis Mhòr • Leantran • A' Mhanachainn • An t-Srùigh • An Tomaich |
Beanntan | Beinn Fhada • Sgùrr na Lapaich • Toll Creagach • Tom a' Chòinnich |
Gleanntan | Gleann Afraig • Gleann Canaich • Gleann Srath Farair • Gleann Urchadain |