Clár Chlainne Mhuiris | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Poblachd na h-Èireann |
Ceàrn | Contae Mhaigh Eo |
Sgìre | Cúige Chonnacht |
Co-chomharran | 53° 43′ 12″ Tuath 8° 59′ 53″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 3,979 (2011) |
'S e baile sa Chúige Chonnacht ann am Poblachd na h-Èireann a th' ann an Clár Chlainne Mhuiris (far-ainm; An Clár, Beurla:Claremorris). Tha e suidhichte ann an deas Chontae Mhaigh Eo air a' chrois-rathaid N17 agus N60. Chaidh am baile a stèidheachadh anns an 18mh linn. A rèir cunntais-shluaigh 2011 bha 3,979 duine a' fuireach ann.[1]
Tha e gu math coltach gur ann à dà fhacal ann an Gaeilge a tha an t-ainm: clár (drochaid chlàraich), clann san tuiseal ginideach (clann) agus an t-ainm Muiris (Muireach). Tha cruth na tìre a' gabhail ri seo cuideachd. Bheireadh sin Drochaid Chlàraich Cloinne Mhuirich dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. Tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Bàrr a tha e.