Dagua
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Valle del Cauca | ||||
Àirde | 828m | ||||
Co-chomharran | 03 39' 27' Tuath 76° 41' 30' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 886 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 35,270 (2005) | ||||
Dlùths | 39.81/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
‘S e baile meadhanach agus sgìre ann an Valle de Cauca, Coloimbia,[1] a th’ ann an Dagua (IPA: daɣwa). Tha e suidhichte aig 828m os cionn ìre na mara agus 47.7km air falbh bho Chali, prìomh-bhaile na roinne. Tha teodhachd meadhanach dhe 23˚ aige. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1909 le companaidh trèana.
Tha 8,307 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha 35,270 uile gu lèir a' fuireach ann, a' gabhail a-steach na clachain thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Dagua, ach tha 2.2% dhe Tùsanaich agus 39% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 87.3% dhe na daoine ann an Dagua leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 22.9% dhe na dachannan.[4]
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Dagua. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.