Gall-Ghàidhealaibh agus Dùn Phris an Iar | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Taigh an Ròid |
Ball | Finlay Carson BPA |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba |
Àireamh-bhòtaidh | 33,363 |
Mòr-chuid | 1,514 |
'S e sgìre Phàrlamaid na h-Alba a tha ann an Gall-Ghàidhealaibh agus Dùn Phris an Iar (Beurla: Galloway and West Dumfries).[1]
Chaidh i a chruthachadh ann an 2011 o phàirtean de Ghall-Ghàidhealaibh is Bràigh Nid agus de Dhùn Phris. Tha pàirtean de Dhùn Phris fhèin, an t-Sròn Reamhar, Cille Chuithbeirt, Wigtown, agus Carsphairn san sgìre seo.[2] Tha i ann an crìch ri Siorrachd Dhùn Phris agus Carraig, Cumnaig agus Srath Dhùn.
Taghadh | Ball | Pàrtaidh | Mòr-chuid | Àireamh-bhòtaidh |
---|---|---|---|---|
2016[3] | Finlay Carson | Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba | 1514 | 33363 |
2011[4] | Ailig MacFhearghais | Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba | 862 | 29997 |