B' e neach-poileataigs, riochdaire dioplòmasach agus sgoilear às An t-Suain a bh' ann an Knut Hjalmar Leonard Hammarskjöld (Tuna, 4 an Gearran 1862–Stockholm, 12 an Dàmhair 1953).[1] Phòs e aig Agnes Almquist ann an 1890 agus rug i ceathrar mhic dha. Bhuannaich fear dhiubh, Dag Hammarskjöld, an Duais Nobel airson Sìthe ann an 1961.[2] B' e Hammarskjöld a rèitich an Còrdadh a sgaoil Aonadh Nirribhidh agus An t-Suain (Suainis: Svensk-norska unionen) ann an 1905.[3] Bha e os cionn Riaghaltas thar phàrtaidh aig àm a' Chogaidh Mhòir. Dh' fhàgadh airsan gu robh e ro rag ris na riaghailtean is nach leigeadh e mòran bhiadh a-steach dhan dùthaich agus gu robh e gu math dlùth air A' Ghearmailt. A thuilleadh air sin, bha e na Mhinistear an Fhoghlaim agus na Mhinistear a Cheartais cuideachd. Fhuair e ballrachd Acadamh na Suaine ann an 1918.[4]