Jilava | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Romàinia |
Ceàrn | Ilfov |
Co-chomharran | 44° 19 58' Tuath 26° 04 41' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 26.76 km² |
Àireamh-shluaigh | 12,223 (2011) |
Dlùths | 456.76/km² |
Àireamh fòn | +40 274/374 |
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile beag faisg air Bucharest, ann an ceann a deas Romàinia a th' ann an Jilava. Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Sabar, aig 71m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Ilfov. Tha 12,223 duine a' fuireach ann.[1] 'S ann air gnìomhachas trom 's a tha eaconomaidh a' bhaile stèidhichte.
'S ann às an fhacal жилав ann an Ungairis a tha a' ciallachadh garbh air neon boglach s' a tha ainm a' bhaile.[2] Chaidh Jilava a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1716. Air 27 an t-Samhain 1940 rinn feachdan an deachdaire Faisisteach Ion Antonescu murt air 64 daoine sa phrìosan ann an Jilava, fhad ‘s a bha iad a’ feitheamh ri cùis-lagha. An dèidh An Dàrna Cogaidh bha Antonescu fhèin air a dhìteadh agus a chur gu bàs an seo, airson an uilc a rinn e.[3]