John Horne

John Horne
Beatha
Breith Sruighlea, 1 dhen Fhaoilleach 1848
Dùthaich  Alba
Bàs 30 dhen Chèitean 1928
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ghlaschu
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd geòlaiche agus cruinn-eòlaiche
Duaisean a fhuaras
Ballrachd An Comann Rìoghail
Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans
Comann Rìoghail Dhùn Èideann
John Horne (air an làimh chlì) agus Ben Peach air beulaibh taigh-òsta Innis nan Damh 1912)

B' e creag-eòlaiche a bha ann an John Horne. Tha e ainmeil air sgàth na h-obrach a rinn e air na cumaidhean geòlasach air a' Ghàidhealtachd.

Rugadh e ann an Campsie faisg air Sruighlea san 1ad den Fhaoilleach 1848. Fhuair e a chuid foghlaim ann an àrd-sgoil Ghlaschu agus an uair sin ann an Oilthigh Ghlaschu. Ann an 1867 thòisich e ag obair airson na Suirbhidh Geòlasaich ann an Alba mar neach-cuideachaidh do Ben Peach. Cha b' e fada gus an do dh'fhàs iad càirdeas ri chèile. Bha Horne an sàs ann an cruthachadh mhapaichean, an toiseach anns a' Ghalltachd. An uair sin rinn e pàirtean mòra den Moine Thrust ann an iar-thuath na Gàidhealtachd. Anns na mapaichean aige chithear cruth na tìre gu mionaideach [1][2].

B' e duine loidigeach a bha ann an Horne, agus bha an dòigh smaoineachaidh is sgrìobhaidh aige a chur ris an sgil lèirsinneachd aig Peach [3][4]. Bha an obair aca, gu h-àraidh an leithid a rinn iad ann an Creag a' Chnocain, a' rèiteachadh an deasbaid fhada mu na cumaidhean geòlasach air a' Ghàidhealtachd.

Fhuair e ballrachd den Chomann Rìoghail Dhùn Èideann ann an 1881, agus bha e gu math èasgaidh ann an cuisean a' chomainn, mar sin bha e na chomhairliche (1902-5; 1906-7; 1914-15); iar-cheann-suidhe (1907-13) agus mu dheireadh thall eadar 1915 is 1919 bha e na cheann-suidhe den Chomann Rìoghail Dhùn Èideann. Bhuannaich e am Murchison Medal ann an 1899 agus ann an 1921 fhuair e an Wollaston Medal, an duais as àirde den Geological Society of London.

Chaochail e san 30 dhen Chèitean 1928 ann an Dùn Èideann. Gus urram a thoirt don obair aige chaidh clach-chuimhneachain a thogail ann an Innis nan Damh air a bheil na faclan "To Ben N Peach and John Horne who played the foremost part in unravelling the geological structure of the North West Highlands 1883-1897. An international tribute. Erected 1980."

Foillseachaidhean

[deasaich | deasaich an tùs]

Sgrìobh Horne a' chuid a bu mhotha den leabhar The Geological Structure of the Northwest Highlands of Scotland; Memoirs of the Geological Survey of Great Britain 1907 (còmhla ri Peach, B. Gunn, W., Clough, C.T., agus Hinxman, L.W.), leabhar a tha luachmhor gus an latha an-diugh [5].

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Eisimpleir de na mapaichean, air a tharraing 2 an t-Ògmhios 2013
  2. Mapa mionaideach le Gneiss Leòdhasach, air a tharraing 2 an t-Ògmhios 2013
  3. Ben Peach aig scottishgeology.com, air a tharraing 2 an t-Ògmhios 2013
  4. John Thorne aig scottishgeology.com, air a tharraing 2 an t-Ògmhios 2013
  5. Who's who aig assyntgeology,air a tharraing 2 an t-Ògmhios 2013

Tuilleadh leughaidh

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Flett, Sir John Smith (1937) The First Hundred Years of the Geological Survey of Great Britain. His Majesty’s Stationery Office, Lunnainn.
  • Oldroyd, D. R. (1990) The Highlands Controversy. Constructing geological knowledge through fieldwork in nineteenth-century Britain. University of Chicago Press, Chicago agus Lunnainn.