Lodainn Mheadhanach a Tuath agus Baile nam Feusgan | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Taigh an Ròid |
Ball | Colin Beattie BPA |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
Àireamh-bhòtaidh | 34,065 |
Mòr-chuid | 7,035 |
'S e sgìre Phàrlamaid na h-Alba a tha ann an Lodainn Mheadhanach a Tuath agus Baile nam Feusgan (Beurla: Midlothian North and Musselburgh).[1]
Tha Baile nam Feusgan fhèin, Dail Chèith, Bonnyrigg, Lasswade agus Fala san sgìre seo[2] is bidh na luchd-taghaidh a' bhòtadh airson roinn Lodainn cuideachd.
Tha i ann an crìch ri Lodainn an Ear, Lodainn Mheadhanach a Deas, Srath Thuaidh agus Srath Labhdair, Dùn Èideann Pentlands, agus Dùn Èideann an Ear.
Chaidh a cruthachadh o pàirt de Lodainn Mheadhanach, far an robh Rhona Brankin na BPA, agus pàirt de Lodainn an Ear, a riochdaich Iain Gray, ann an 2011 agus bhuannaich Colin Beattie i ann an 2011 is 2016.
Taghadh | Ball | Pàrtaidh | Mòr-chuid | Àireamh-bhòtaidh |
---|---|---|---|---|
2016[3] | Colin Beattie | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba | 7035 | 34685 |
2011[4] | Colin Beattie | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba | 2996 | 24451 |