Co-chomharran: 51°59′56″N 4°46′12″W / 51.9990°N 4.7700°W
'S e Pentre Ifan a' chrom-leac as motha bho Linn Ùr na Cloiche anns a' Chuimrigh [1] agus a' chiad tè a chaidh a chlàradh mar "Carragh-cuimhne àrsaidh chlàraichte" (Scheduled Ancient Monument) an seo.
Tha i ainmichte a rèir "Mainear Pentre Ifan" far a bheil i suidhichte. Tha am mainear anns an sgìreachd Nanhyfer, Sir Benfro agus bha e na dhachaigh do Theaghlach Bowen bhon 11mh linn a-mach.[2]
'S e cruinneachadh de 7 tursachan mòra a th' ann a tha rim faicinn ann am Pentre Ifan an-diugh. 'S e an tursa a tha na laighe air barr nan tursachan eile am fear as motha a th' ann. Tha e mu 5 m (16 tr) de dh'fhaid, 2.4 m (7.9 tr) a leud agus 0.9 m (3.0 tr) de thiughad.[3] Thathar den bheachd gu bheil an cuideam aige cho trom ri 16 tunna.[4] Tha e suidhichte air barr caol nan trì tursachan dìreach a tha mu mu 2.5m (8.2 tr) de dh'àird.[4] Tha trì tursachan dìreach eile ann, dà airson an doras a chruthachadh agus fear eile gus an doras a dhùnadh.[5]
Tha a' chrom-leac cho aosda ri 3,500 B.C. 'S e doras na uamha agus an seòmar tìodhlacaidh a tha anns na tursachan a tha rim faicinn an-diugh. Eatarra bha seòmar ann a bha cho mòr ri 3 m de dh'fhaid, 2 m a leud agus 3 m a dh'àird. Bho thùs bhiodh torr tìodhlacaidh le clachan beaga eile orra a bha mu 30 m (98 tr) de dh'fhaid agus 17 m a leud.[6] Bha an seòmar aig ceann a deas an torr tìodhlacaidh agus bha an torr air a shìneadh gu tuath. Chan do mhair mòran den torr tìodhlacaidh gus an latha an-diugh.[4] Tha a' chuid as motha de na clachan sgapte air feadh an àite, ach seachd tursachan a th' anns an àite tùsail fhathast. Timcheall air an doras chaidh gàrradh-cobhaireachd a thogail gu cùramach, ach chan eilear cinnteach nach deach sin a thogail às a dhèidh seo. [7] Thathar dhen bheachd gun deach an seòmar ann am Pentre Ifan a chleachdadh mar àite-adhlaic na coimhearsnachd.[7] Air sgàth 's nach do lorgadh cnàmhan ann is dòcha gun deach iad a ghluasadh gu àite eile.
Dh'fhàs Pentre Ifan cliùiteach mar ìomhaigh na seann Chuimrigh[8] air sgàth an sgeadachadh air na tursachan.[5] Sgrìobh George Owen mu a dheidhinn gu dealasach ann an 1603 agus bha Richard Tongue a' peantadh dealbh dheth ann an 1835.[9]
'S e Pentre Ifan a' chiad chrom-leac a chaidh a chlàradh mar Scheduled Ancient Monument anns a' Chuimrigh 20 an t-Ògmhios 1884 le Augustus Pitt Rivers. Tha sin a' ciallachadh gu bheil Pentre Ifan air a dhìon gu laghail agus tha e toirmisgte clachan neo rudan eile a thoirt air falbh bhon làrach.
Chaidh cladhach àrc-eòlais a dhèanamh ann an 1936/1937 agus 1958/1959, an dà chuid fo stiùireadh William Francis Grimes.[10] Lorgadh pìosan beaga de chlach-theine is obair-crèadha.[9]
Tha a' chrom-leac a-nis ann an seilbh is fo chùram Cadw, [11] Buidheann Làraichean Eachdraidheil na Cuimrigh (Beurla: The Welsh Historic Monuments Agency). Tha an aite ann an deagh staid agus tha inntrigeadh saor an asgaidh. Tha e mu 17 km bho Aberteifi agus mu 5 km san àird an ear Trefdraeth.
{{cite web}}
: Check date values in: |accessdate=
(help)
{{cite web}}
: Check date values in: |accessdate=
(help)
{{cite web}}
: Check date values in: |accessdate=
(help)