Robert Tannahill | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Pàislig, 3 dhen Ògmhios 1774 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Pàislig, 17 dhen Chèitean 1810 |
Nàdar a’ bhàis | fèin-mhurt (bàthadh) |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair agus bàrd |
B' e bàrd à Alba a bha ann an Robert Tannahill (3 an t-Ògmhios 1774–17 an Cèitean 1810). Rugadh, thogadh agus chaochail e ann am Pàislig.[1]
Bha e ainmeil airson a' bhàrdachd aige anns a' Bheurla Ghallda, mar eisimpleir an duan The Braes o' Balquhidder.[2]
Rinn e preantasachd mar bhreabadair is dh'obair e ann am Bolton is Pàislig. Bha e na stèidheadair is rùnaire a' Chomann Burns ann am Pàislig is dh'fhoillsich e a chiad leabhar bàrdachd, The Sodger's Return ann an 1805. Dh'fhulaing e le trom-inntinn is bhàth e fhèin ann an 1810. Chaidh a thìodhlacadh ann an uaigh neo-chomharraichte san Cladh Castlehead ach chaidh carrach-chuimhne a thogail dha ann an 1866 is ìomhaigh-ealain aig Abaid Phàislig ann an 1883.[3]