Francisco de Paula Santander

Francisco de Paula Santander
Ceann-suidhe Choloimbia

7 dhen Dàmhair 1832 - 1 dhen Ghiblean 1837
José Ignacio de Márquez Barreto - José Ignacio de Márquez Barreto
Beatha
Breith Villa del Rosario (en) Translate, 2 dhen Ghiblean 1780
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 6 dhen Mhàrt 1840
Àite-adhlacaidh Central Cemetery of Bogotá (en) Translate
Nàdar a’ bhàis  (gallstone (en) Translate)
Teaghlach
Cèile Sixta Pontón de Santander (en) Translate
Foghlam
Foghlam Oilthigh Naomh Tòmas Aquinas
St. Bartholomew Major College (en) Translate
Cànain Spàinntis
Luchd-teagaisg José Joaquín de Olmedo (mul) Translate
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Seirbheis san arm
Meur an airm Arm
Ìre oifigeach coitcheann

B’ e saighdear agus neach-poileataigs à Coloimbia a bh’ ann am Francisco José de Paula Santander y Omaña (Cúcuta, 2 an Giblean 1792Bogotá, 6 an Cèitean 1840).[1] Bha e na cheann-suidhe Coloimbia Mòire eadar 7 an Dàmhair 1832 agus 1 an Giblean 1837 agus na leas-cheann-suidhe Poblachd Ghranada Ùire roimhe sin, eadar 3 an t-Samhain 1821 agus 1 an Giblean 1827. Buineadh Santander do theaghlach Uachdaran le freumhan anns An Spàinn agus bha a teaghlach aig an lùib siùcar, cofaidh agus Teòclaid a’ cinntinn anns na h-oighreachdan mòra a bh’ aca. An dèidh Gairm na Neo-eisimeileachd ann am Bogotá ann an 1810, ghabh Santander ri feachdan na Neo-eisimeileachd agus dh’fhàs e a bhith na shaighdear math, ged nach robh e a-riamh air an aon ràmh ri Simón Bolívar, air sàilleabh gu robh feallsanachd aige a thaobh an Riaghaltais. 'S e Santander a dhìon Cúcuta on Arm na Spàinne agus na rinn an iomairt anns  A' Bheiniseala.[2]

Phòs e aig Sixta Tulia Pontón y Piedrahita à Soacha ann an 1836 agus rug i triùir duine-cloinne dha. B’ e boireannach gu math beairteach a bh’ innte.[3] B’ fheudar dhaibh an dùthaich fhàgail ann an 1828 leis gu robhar a’ fàgail air Santander gu robh e an lùib iomairt airson Bolívar a mharbhadh.  Thill e nuair a bhris an dùthaich às a chèile. Chaochail Santander ann an Bogotá ann an 1840, nuair nach robh e ach 48 bliadhna a dh’aois.[4] A dh’aindeoin seo, leig e dìleab mòr do Choloimbia agus thathar a' ràdh gur e Fear nan Laghan a bh' ann.[5] Chaidh an roinn Santander ainmeachadh air a shon.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Banrepcultural
  2. Arismendi Posada, Ignacio; Gobernantes Colombianos; trans. Colombian Presidents; Interprint Editors Ltd.; Italgraf; Segunda Edición; Page 21; Bogotá, Colombia; 1983
  3. Geneología Colombiana
  4. Huck, E. R. (1972). Economic Experimentation in a Newly Independent Nation: Colombia under Francisco de Paula Santander, 1821–1840. The Americas, 29, 2, 167-184
  5. El Hombre de las Leyes