Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba

Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba
Fiosrachadh
Stèidheachadh 1965
Beachd-Smuainealas An-Dràsda Tòireadheas
Aonachas
Oifisean 67 Northumberland Street, Dùn Èideann, EH3 6JG, Alba
Cathraiche Robert C B Forman MBE WS
Suidheachain Dùn Èideann: 31
Lunnainn: 6
Riaghaltas Às an Riaghaltas a-nis

‘S earrann nan Tòraidhean ann am Breatainn air fad a th’ann Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba is chaidh meur Albannach a’ pàirtidh seo a stèidheachadh ann an 1965 nuair a sgar e bho Phàrtaidh an Aonaidh. ‘S e na Tòraidhean a bh’ann am buidheann na bu treasa ann am poileataigs na h-Alba gu ruige na 60an.[1] Fhuair na Tòraidhean 17 seataichean (dhe 129 air fad) ann am Pàrlamaid na h-Alba aig na taghaidhean ann an 2007 agus a bharrachd air sin tha dithis bhall (dhe 59 do dh’ Alba air fad) aca ann an Lunnainn, ach chan eil ball sam bith aca anns A' Bhruiseal. Ann am Màrt 2006 bha e coltach gu robh mu 16,000 buill a’ phàirtidh ann.

Tha Ruth Davidson na ceannard a' phàrtaidh ann an Alba a-nis.

Thuit na Tòraidhean agus na Aonachdaich a-mach às a chèile nuair a chaill iad taghaidhean na Breatainne ann an 1959, is sgar iad ann an 1965 an dèidh atharrachaidhean ann an siostam taghaidh. Chaidh buidheann roinneil na h-Alba a stèidheachadh ann an 1977, fo smachd poiliteagach agus ionmhasail a’ phàirtidh ann an Lunnainn. Riochdachadh iad na daoine ann an Alba a bha an aghaidh na neo-eisimeileachd, is le sin ghabhadh iad mòran de luchd-bhòtaidh bho na Nàiseantaich agus na Làbaraich. Bha ceanglaichean aig feadhainn dhuibh leis na Daoine Bhuidhe,[2] is iad a’ cumail taic dha na ceannaircich pròstanach ann an Èirinn a Tuath.[3] Bhrist Margaret Thatcher na ceanglaichean sin nuair chuir i ainm dhan Chòrdadh Breatainn - Èirinn ann an 1985, is chaidh Pàrtaidh Aonadh airson na h-Alba fa leth a chruthachadh an a dhèidh.

Mairead Thatcher

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged an do chuir na Tòraidhean ruaig air na pàrtaidhean eile anns na taghaidhean ann am Breatainn air fad ann an 1979, chaill iad na taghaidhean aig ìre na h-Alba ann an 1983 agus ann an 1987 is beag air bheag dh’fhàsadh na Làbaraich agus na Nàiseantaich na bu treasa, air sàilleabh polasaidhean airgeadach an Riaghaltais Thatcher, a dheànadh fìor chron dhubh air gnothaichean agus malairt ann an Alba. Mar eisimpleir, cha d’fhuair i fàilte chridheil bhlàth idir nuair a rinn e òraid do dh’ àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba ann an 1988.[4]

A bharrachd air sin, dh’ fhàgadh air na Tòraidhean gu robh iad an aghaidh na h-Alba leis gu robh iad airson na Cìs Clàir Bhòtaidh, a chaidh a stèidheachadh ann an Alba dà bhliadhna ro Shasainn. Rinn iad beagan na b’ fheàrr anns na taghaidhean ann an 1992, an dèidh do Thatcher a dreuchd aice a leigeil dheth agus le John Major na h-àite. Chan fhaodadh iad a bhith ann an iomall a’ phoileataigs agus sgaraidhean am broinn a’ Phàirtidh a sheachnadh, gu seachd àraidh leis gun do ghabhadh iad ro fhèin-riaghaidh ann an 1997 ge-tà.[5]

Fèin-riaghlaidh

[deasaich | deasaich an tùs]

‘S e dìreach Pàrlamaid na h-Alba, gu h-iongantach, a tha air tomalt ùr a thoirt air ais dhuibh, ged nach do dheànadh iad cho math idir ann an taghaidhean na h-Alba ann an 1999, 2003 neo 2007. Chan eil an cuid bhòtaichean dhan Phàrlamaid ann an Lunnainn air atharrachadh mòran co-dhiù. Bhuannaich iad aon sheat bho na Nàiseantaich anns na taghaidhean aig ìre na Breatainne Mòire ann an 2001 ach chaill iad seataichean dha na Làbaraich ann an 2005.[6]

Mholadh gun atharrachadh ainm a’ phàirtidh air ais do Phàrtaidh Tòraidh agus an Aonaidh airson gum biodh iad na bu fhaicsinnich ann am poiliteags, ach chan eil sin air a bhith so-dhèanta fhathast oir chan eilear airson ainm de dhaoine bhuidheannach ann an Èirinn a Tuatha fhaighinn agus o chionns gu bheil Pàrtaidh an Aonaidh eile ann mar-thà ann an Alba.[7] Mhol Murchadh Friseal neo-eisimeileachd a’ phàirtidh neo dìreach càirdeas eatorra agus na Tòraidhean ann an Sasainn mar a tha eadar CDU-CSU anns A' Ghearmailt. Fiù’s mhol Brian Monteith[8] gun gabhadh iad taic do fhèin-riaghlaigh ionmhasail seadh nach dh’fhàgadh orra gu robh iad an aghaidh na h-Alba agus, mu dheireadh thall, bha Iain Bùchan airson taic a ghabhadh do neo-eisimeileachd na dùthcha. Ach, aig an ìre seo, chan eilear ag atharrachadh an cuid smuaintean poiliteagach bunaiteach.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. University of Leeds
  2. Daoine Bhuidhe ann an Alba
  3. Gallagher, Tom (1987), Glasgow, the uneasy peace: religious tension in modern Scotland, 1819-1914, Manchester University Press, ISBN 9780719023965
  4. BBC
  5. Constructif
  6. La Documentation Française
  7. Scottish Unionist Party
  8. Scotsman

Ceangail a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]