B' e neach-teagaisg agus neach-poileataigs Ucràineach/Sobhiatach a ghabhadh ri co-mhaoineas a bh' ann am Valentyna Semenivna Shevchenko (Ucràinis: Валентина Семенівна Шевченко, Ruisis: Валентина Семёновна Шевченко, Kryvyi Rih, 12 am Màrt 1935 - Kyiv, 3 an Gearran 2020).[1] Bhuinneadh i gu teaghlach gu math bochd: bha a h-athair na mhèinneadair. Fhuair Shevchenko a cuid foghlaim san Oilthigh Taras Shevchenko ann an Kyiv bho 1954 gu ruige 1957. Chuir e seachad bliadhnaichean a' teagasg cruinn-eòlais. Fhuair i iomadh dreuchd chudromach ann am poileataigs na dùthcha. Bho 1957 gu ruige 1962 bha i os cionn na Komsomol ann an Kryvyi Rih. An uair sin bha i na leas mhinistear an fhoghaim san Ucràin (1969 - 1972), na leas-chathraiche Comann Ucràineach airson Càirdeis agus Dàimhean Cultarach le Dùthchannan Cèin (1972 - 1975), na leas-chathraiche na Sobhiat na h-Ucràine (1975 - 1985) agus na cathraiche fhèin (1985 - 1990).[2]