Joaquín Mosquera

Joaquín Mosquera
Tosgair

Beatha
Breith Popayán, 14 dhen Dùbhlachd 1787
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Popayán, 4 dhen Ghiblean 1878
Teaghlach
Athair José María de Mosquera y Figueroa
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Oilthigh an Rosario
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus dioplomat
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

B’ e Joaquín Mariano de Mosquera y Arboleda (Popayán 14mh an Dùbhlachd 1787, – Bogotá 4mh an Giblean 1878) fear-lagha, saighdear, stàitire, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia, a bha na cheann-suidhe na dùthcha, ris an canar Coloimbia Mhòr a-nis, eadar an t-Ògmhios agus an t-Sultain 1830, agus an uair sin eadar an Cèitean agus an t-Samhain 1831. A bharrachd air sin, bha e na Leas-Ceann-Suidhe Phoblachd Ghranada Ur.[1][2]

Rugadh Joaquín Mosquera y Arboleda ann am Popayán air 14mh an Dùbhlachd 1787, is e a’ chiad mhac aig José María Mosquera y Figueroa agus María Manuela Arboleda Arrachea. Ball dhà dhe na teaghlaichean a bu chudromaiche agus a bu treasa na sgìre aige, rinn triùir bhràithrean eile aige uabhasach math anns a’ beatha poblach ann an Coloimbia: Tomás Cipriano de Mosquera, Manuel María Mosquera agus Manuel José Mosquera.

Dh’ionnsaich e leughadh aig 5 bliadhna a dh’aois, agus bha e anns an sgoil mar-thà. An dèidh sin chaidh e do Sgoil Sagartachd a’ bhaile, Oilthigh a' Chauca, agus an uair sin gu Colaiste an Rosario ann am Bogotá, far an d’ fhuair e ceum ann an Lagh ann an 1805.[3]

Beatha ann am Poileataigs

[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 1810 chaidh e dhan airm agus bha e an sàs ann an iomadh còmhradh, is fhuair e caipteanachd. B’ e sàr fhear-lagha a bh' ann agus bha cliù aige a chionn ’s gur e deagh riaghladair sìobhalta a bh’ ann airson a’ bhaile aige fhèin rè àm cogadh na neo-eisimeileachd, agus fhuair e àite mar bhall a’ Mhòr-Dhàil aig àm na Coloimbia Mòire is e na mhinistear cuideachd.

Ceann-suidhe na dùthcha

[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh Mosquera a thaghadh Ceann-suidhe na dùthcha ann an 1830 nuair a leig Simón Bolívar an dreuchd dheth. ‘S e Am Mòr-dhàil a thaghaich e airson Bolívar a leantainn air 4mh an Cèitean, ach cha b’ urrainn dhasan an dreuchd a dhèanamh agus fhuair an Leas Cheann-suidhe Domingo Caycedo Santamaría an dreuchd. Shuidh e fhèin anns a’ Chathair an ceann beagan mhìos ach chuir an Seanalair Rafael Urdaneta, a bha dìleas gu Bolívar, às a’ chathair e anns an aon bhliadhna. Chaidh Mosquera air ais an dèidh do dh’Urdaneta, an dreuchd fhàgail air 2na an Cèitean 1831, is e an sàs gu ruige 23mh an t-Samhain 1832.

An dèidh A’ Chinneas

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha e na leas cheann-suidhe na Poblachd Ghranada Ùr eadar 1833 agus 1835 agus an uair sin reachdadair de Oilthigh A’ Chauca, a bharrachd air ollamh an oilthigh cuideachd. Rè nam bliadhnachan dhiùlt e tòrr dhreuchdan anns a’ bheatha phoblach, mar eisimpleir, riochdair a’ bhanca Crédito Público ann am Popayán ann an 1825. Bha Mosquera na bhall mòran bhuidhnean saidheansail agus litreachais agus bha e uabhasach dòigheil air an fhoghlam phoblach. Bha e ainmeil mar sàr òraidiche. Phòs e a cho-ogha María Josefa Mosquera Hurtado, is fhuair iad còignear cloinne ri chèile: José María, Pedro, Rosa, Mariana agus Eusebia. Chaill e a lèirsinn ann an 1858 agus bhàsaich e ann am Popayán ann an 1878, aig 92 bliadhnachan a dh’aois.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Oifis a' Chinn-suidhe
  2. Leabharlann Luis Angel Arango
  3. Oilthigh Cauca
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: