Martin Gottfried Weiß | |||
---|---|---|---|
| |||
Beatha | |||
Breith | Weiden in der Oberpfalz, 3 dhen Ògmhios 1905 | ||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||
Bàs | Landsberg am Lech (en) , 29 dhen Chèitean 1946 | ||
Nàdar a’ bhàis | peanas bàis (crochadh) | ||
Foghlam | |||
Cànain | Gearmailtis | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | luchd an airm | ||
Àitichean-obrach | Dachau concentration camp (en) | ||
Ballrachd | Schutzstaffel | ||
Seirbheis san arm | |||
Meur an airm | Schutzstaffel | ||
Ìre | Obersturmbannführer (en) | ||
Strì | An Dàrna Cogadh | ||
Creideamh | |||
Pàrtaidh poileataigeach | Am Pàrtaidh Nàsach |
B' e eucoireach-cogaidh nàsach às A' Ghearmailt a bh' ann am Martin Gottfried Weiß (Weiden in der Oberpfalz, 3 an t-Ògmhios 1905 - Landsberg am Lech, 29 an Cèitean 1946).[1] Rugadh agus thogadh Weiß ann am baile beag sa Bhaidhearn agus bhuinneadh e do theaghlach clas-obrach Caitligeach - dh'obair athair air na trèanaichean. Rinn e trèanadh ann an innleadaireachd a dèidh na sgoile agus chuir e seachad trì bliadhna ag obair às leth chompanaidh dealain. Ghabh e sa Phàrtaidh Nàsach ann an 1926 an dèidh an Hitlerputsch agus, air ceann sreatha, san SS.[2] Thoisich e ann an KZ Dachau ann an 1933 agus fhuair e àrdachadh gu ceannard KZ Neuengamme ann an 1940. An ceann dà bhliadhna, ann an 1942, bha e air ais ann an KZ Dachau far an robh e gu ruige 1943, nuair a chaidh ainmeachadh ceanard KZ Majdanek.[3] Fhad's a bha e an sàs anns na campaichean, chuireadh iomadh doine gu bàs, ciorramaich agus Iùdhaich nam measg. Bha Weiß air a dhìteadh an dèidh a' Chogaidh agus chaidh a chrochadh air 29 an Cèitean 1946 airson an uilc a rinn e.