B' e matamataigear agus riochdaire dioplòmasach à Romàinia a bh' ann an Grigore Constantin Moisil (IPA: ˈɡriˈɡore mo.iˈsil, Tulcea, 10 am Faoilleach 1906 - Ottawa, 21 an Cèitean 1973).[1] Bhuinneadh e do theaghlach bùirdeasach innleachdail: bha athair na ollamh, bha a màthair na neach-teagaisg agus bha a shinn-seanair na shargart, a stèidhich a' chiad sgoil Romàinianach ann an Năsăud. Fhuair Moisil a chuid foghlaim aig Universitatea Politehnica din București agus Oilthigh Bhucharest eadar 1924 agus 1929. B' e La mécanique analytique des systemes continus an teusas a sgrìobh e airson a dhotaireachd. Chaidh e dhan Fhraing ann an 1930, far a sgrìobh e pàipear air an robh On a class of systems of equations with partial derivatives from mathematical physics fhad's a bha e aig Oilthigh Pharis. An dèidh bhliadhna san Ròimh, ann an 1931, fhuair obair na thìdsear matamataig aig Oilthigh Iași. Ann an 1941 chaidh fhastadh mar ollamh aig Oilthigh Bhucharest. A bharrachd air dà bhliadhna na thosgaire ann an Ankara (1946 - 1948), chuir e seachad an còrr dhen bheatha aige ag obair aig Oilthigh Bhucharest. Chaochail e gu h-obann ann an Ottawa ann an 1973 agus e a' dèanamh turas-òraid thall sa Chanada. B' ann air loidig mhatamataigeach (ailgeabra Łukasiewicz–Moisil), loidig ailgeabrach, ailgeabra MV agus co-aontaran diofarail a dhèanadh e fòcas.[2]