Pierre Kemp | |
---|---|
![]() | |
Beatha | |
Breith | Maastricht, 1 dhen Dùbhlachd 1886 |
Dùthaich |
![]() |
Ciad chànan | Duitsis |
Bàs | Maastricht, 21 dhen Iuchar 1967 |
Foghlam | |
Cànain | Duitsis |
Dreuchd | |
Dreuchd |
bàrd, sgrìobhadair, pottery painter (en) ![]() |
Àitichean-obrach | Maastricht |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Far-ainmean | W. Maasburg agus Robert Ree |
B' e bàrd, peantair agus sgrìobhadair às Na Tìrean Ìsle a bha ann am Pierre Kemp (Maastricht 1 an Dùbhlachd 1886–Maastricht, 21 an t-Iuchar 1967).[1] Thathar dhen bheachd gu robh a chuid obrach gu math duibhir, muladach. Sgrìobh Kemp a’ chiad phìos bhàrdachd airson a’ phàipear-naidheachd De Limburger Koerier ann an 1910. Chuir e bliadhna seachad na phreantas fhear-aithris aig De Tijd ann an Amsterdam mus do dh’fhalbh e dhachaigh. Phòs e ri Hubertina Catharine Mommers ann an 1918 agus fhuair iad triùir duine-chloinne. Chuir e seachad tòrr bhliadhna, bho 1916 gu ruige 1945,[2] ag obair ann am mèinn ann an Eygelshoven is e a’ sgrìobhadh cuideachd, fiù 's air an trèana air an slighe dhachaigh. Bhuannaich e an Duais Constantijn Huygens agus 2,500ƒ ann an 1956[3] agus an Duais P.C. Hooft ann an 1958.[4] 'S e sgrìobhadair a bh' ann a bhràthair beag, Mathias Kemp, cuideachd. A bharrachd air sgrìobhadh, ’s e sàr pheantair a bh’ ann agus chaidh taisbeanaidhean a chuid obrach a chumail ann am Maastricht ann an 1975 agus 2010 san taigh-tasgaidh Bonnefanten ann am Maastricht.[5]